’S e còmhlan ùr, iongantach a th’ ann an LAS a bhios a’ toirt còmhla còignear bhoireannach bho shaoghal a’ chiùil Cheiltich. Bidh iad a’ taisbeanadh nan dlùth-cheanglaichean Èireannach agus Albannach tro dhannsa, ceòl agus òrain ann an Gàidhlig na h-Alba agus na h-Èireann.
’S iad:

Joy Dunlop (Alba)
Tha Joy Dunlop air iomadh dùais a thogail mar sheinneadair Gàidhlig agus dannsair traidiseanta. ’S ann às a’ Choingheal ann an Èarraghìdheal a tha i bho thùs agus tha i air seinn air feadh Bhreatainn, na Roinn Eòrpa, Chanada, An t-Sealain Nuaidh, Iapain agus nan Stàitean Aonaichte. Fileanta ann an Gàidhlig, bhuannaich i Am Bonn Òir aig a’ Mhòd Nàiseanta Rioghail agus chaidh a cur air adhart mar sheinneadair na Bliadhna aig Na Trads 2016, 2011 & 2010. Bhuannaich i an duais ‘Tradition Fatea’ agus ’s i an aon neach a th’ air an duais Seinneadair na Bliadhna agus Dannsair na Bliadhna a ghlèidheadh aig an Fèis Phan Cheilteach.

Edel Ní Churraoin (Èirinn)
Thogadh Edel Ní Churraoin ann an Connemara far an robh i air a bogadh ann an ceòl agus dannsa traidiseanta na sgìre. Cluichidh i an fhìdeag, bogsa nam pùtan agus am piàno agus ’s e dannsair sean-nóis a th’ innte cuideachd. Tha Edel air fairpaiseamn ciùil agus dannsaidh a ghlèidheadh thar nam blaidhnaichean agus tha ia air cluiche aig fèilltean agus cuirmean anns an Fhraing,Lugsamburg agus Na Stàitean.

Gráinne Brady (Èirinn)
’S e fìdhlear agus sgrìobhadair ciùil a th’ ann an Gráinne Brady. Ged a tha i à Co. Cavan ann an Èirinn bho thùs, tha i a-nis a’ fuireach ann an Glaschu far a bheil i a’ cluiche leis na Top Floor Taivers (òrain ann am Beurla agus Albais), The Routes Quartet (ceathar claisgeach a bhios a’ cluiche ceòl traidiseanta) agus cuideachd ri cluicheadair a’ phiàno Tina Jordan Rees.

Suzanne Fivey (Alba)
Tha an cluicheadair fìdeig agus piàno Suzanne Fivey a’ fuireach ann an Glaschu, far an do cheumnaich i le ceum le urram ann an Ceòl na h-Alba bhon RSAMD ann an 2011, à dèidh dhi ùine a chur seachd ann an Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd airson 3 bliadhnaichean. Chuir i a’ chiad chlàr aice “What Will We Play Next?” air bhog ann an 2013, a thuilleadh air clàr eile còmhla ri Adam Brown air a bheil “Pitch Invasion”.

Catherine Ní Shúilleabháin (Èirinn)
Air a rugadh agus a thogadh ann an Ràth Cairn, sgìre Ghàidhealach ann an Siorrachd Meath a the ainmeil son a dualchas ionadail, ’s ann à teaghlach ceòlmhòr tha an seinneadair agus cluicheadair giotair Catherine Ní Shúilleabháin. Tha i cuideachd air duaisean a choisinn airson dannsa sean nòis agus tha i air cluiche air feed na h-Eireann agus na Stàitean Aonaichte.